This is a new service. Your feedback will help us to improve it.

Gaelic marketing campaign summary - audio (Gaelic)

An audio version of our marketing campaign summary document in Gaelic. Click 'Download WAV', then right click on the audio window and select to save. Click 'View as a webpage' to read a transcription.

Is e Cunntas-sluaigh na h-Alba an cunntas oifigeil air a h-uile neach agus teaghlach anns an dùthaich. Thathar ga chumail a h-uile 10 bliadhna mar as trice. Bidh an cunntas-sluaigh a’ faighneachd mu dheidhinn aois, gnè, dachaigh agus suidheachadh a thaobh còmhnaidh, cosnadh, foghlam agus uidheamachadh dhaoine, cho math ri cinnidheachd.


Tha lìonadh a’ chunntais cudromach seach gun toir na freagairtean am fiosrachadh do Riaghaltas na h-Alba agus tòrr luchd-solair sheirbheisean eile a tha a dhìth orra gus co-dhùnaidhean cudromach a ghabhail a bhios a’ bualadh air beatha dhaoine agus air na coimhearsnachdan aca.


Am measg nan co-dhùnaidhean seo tha mar a thèid airgead a chosg air seirbheisean cudromach anns na coimhearsnachdan againn, leithid foghlam, taigheadas, cùram-slàinte, rathaidean agus rathaidean-iarainn, agus tòrr a bharrachd.

Is e Là a’ Chunntais Didòmhnaich 20 Màrt, ach faodaidh tu an cunntas agad a lìonadh a-steach air an Lìon cho luath agus a gheibh thu an litir agad. Ach feumaidh na freagairtean an teaghlach agad air Didòmhnaich 20 Màrt a nochdadh.

Faodaidh tu an cunntas agad a lìonadh a-steach air an Lìon no le bhith ag iarraidh copaidh ann am pàipear. Bho dheireadh a’ Ghearrain 2022, tòisichidh teaghlaichean a’ faighinn litir le stiùireadh air mar a lìonas iad a-steach an cunntas aca air an Lìon.

Bidh làrach lìonadh a’ chunntais beò bho 28 Gearran.

  1. Tadhail air www.census.gov.scot
  2. Briog air START
  3. Cuir a-steach an Còd air leth gus Cothrom fhaighinn air an Eadar-lìon bhon litir a fhuair thu.
  4. Lean an stiùireadh air an sgàilean

Ma bhios agad ri copaidh ann am pàipear iarraidh, no ma bhios Còd ùr gus Cothrom fhaighinn air an Eadar-lìon a dhìth ort, rach gu census.gov.scot no cuir fòn dhan loidhne-chuideachaidh air 0800 030 8308.

Feumaidh. Tha uallach laghail air a h-uile teaghlach ann an Alba ceisteachan mun chunntas-shluaigh a lìonadh a-steach.

Tha seo deatamach gus dèanamh cinnteach gun nochd an cunntas fiosrachadh mionaideach is cruinn mun dùthaich gu lèir.
Tha e an urra ris an neach a tha a’ fuireach anns an t-seilbh, aig a bheil e, no a tha ga ghabhail air mhàl no a phàigheas bilean an teaghlaichean cunntas a lìonadh a-steach.

Ma tha thu a’ fuireach ann an taigh-cùraim, tallachan-fuirich no ostail agus ma tha thu os cionn aois 16, bidh agad ri cunntas fa leth a lìonadh a-steach agus pàirt a ghabhail sa cheisteachan mu àite choitcheann.

Aon uair is gu bheil an làrach-lìn lìonaidh (census.gov.scot) beò bho 28 Gearran, thèid agad air tadhal agus stiùireadh mionaideach fhaighinn air mar a fhreagras tu a h-uile ceist anns a’ chànan gu h-ìseal.

Tha barrachd taice a thaobh cànain ri fhaotainn cuideachd tron loidhne-chuideachaidh againn air 0800 030 8308.

  • Arabais
  • Cantonais
  • Seics
  • Farsaidh
  • Gaidhlig
  • Hindis
  • Curdais
  • Loituainis
  • Mandairinis
  • Polainnis
  • Punjabi
  • Romainis
  • Ruisis
  • Slobhacais
  • Turcais
  • Urdu

Tha sinn air obrachadh le raon bhuidhnean ciorramach gus a dhèanamh cinnteach gum bi an cunntas-sluaigh cho ruigsinneach ’s a ghabhas. Ma bhios taic a dhìth ort no ma bhios tu ag iarraidh copaidh den cheisteachan ann an riochd eile, nach dèan thu conaltradh ris an ionad-chonaltraidh air neo rach gu
census.gov.scot.

Faodaidh tu cuideachadh iarraidh cuideachd air neach-cùraim, caraid no cuideigin càirdeach gus an cunntas agad a lìonadh a-steach.

Ma tha duilgheadasan agad le claisneachd no labhairt, nach cleachd thu seirbheis text relay air 18001 0800 030 8308.

Tha.Mus fhoillsich sinn fiosrachadh sam bith bhon chunntas, bheir sinn air falbh am fiosrachadh pearsanta gu lèir gus dèanamh cinnteach nach gabh neach sam bith aithneachadh leis na freagairtean aca.

Tha fios à cunntas gun fhoillseachadh fad 100 bliadhna agus tha an riaghaltas an geall air dèanamh cinnteach gun tèid na daoine a gheibh cothrom air a chumail aig an ìre as ìsle.

Bidh an t-ionad-conaltraidh againn fosgailte bho 28 Gearran agus faodar fhònadh an-asgaidh bho loidhne-thalmhainn, no fòn-làimhe sam bith air 0800 030 8308.

Faodaidh tu conaltradh a dhèanamh cuideachd tron chabadaich-lìn air census.gov.scot