This is a new service. Your feedback will help us to improve it.

Gaelic census support leaflet - helpline

A5 sized leaflet in Gaelic with front and back page and double inside spread containing details on what the census is, who needs to fill it out and how to get support through our helpline, which will be available from 28 February. Click 'Download PDF', then right click on the document and select to save.

Ma bhios cuideachadh sam bith a dhìth ort gus an cunntas-sluaigh a lìonadh a-steach, cuir fòn dhan loidhne-chuideachaidh air 0800 030 8308.

Cuideachadh agus taic Ma bhios cuideachadh a dhìth ort gus an cunntas-sluaigh agad a lìonadh a-steach, le taic eadar-theangachaidh no riochdan eile, faodaidh sinne cuideachadh:

  • Tadhail oirnn air an Lìon www.census.gov.scot
  • Cleachd text relay: 18001 0800 030 8308
  • Cuir fòn dhan loidh-ne-chuideachaidh
    againn an-asgaidh air 0800 030 8308
  • Faodaidh luchd-cleachdaidh Cànan-soidhnidh Bhreatainn fios a chur thugainn le bhith a’ cleachdadh contactscotland-bsl.org

Thèid againn uile air buaidh a thoirt ma lìonas sinn a-steach e.

Tha Cunntas-sluaigh na h-Alba ga chumail a h-uile 10 bliadhna agus is e an cunntas oifigeil air gach neach anns an dùthaich.

Feumaidh a h-uile teaghlach ann an Alba an cunntas-sluaigh a lìonadh a-steach agus le bhith ga dhèanamh tha iad a’ cuideachadh gus cruth a chur air Alba san àm ri teachd.

Tha am fiosrachadh a thathar a’ toirt anns a’ chunntas a’ cuideachadh gus co-dhùnaidhean a dhèanamh air mar a thèid airgead poblach a chosg air sgoiltean, rathaidean, ospadalan agus seirbheisean cudromach eile.

  • Tha barrachd fiosrachaidh air mar a thathar a’ lìonadh a-steach a’ chunntais ri fhaotainn air làrach-lìn a’ chunntais agus air a’ cheisteachan
  • Mura tèid agad air a lìonadh a-steach air an Lìon, faodaidh
    tu ceisteachan ann am pàipear iarraidh, an dara cuid le bhith a’ tadhal air census.gov.scot, no fòn a chur dhan loidhne-chuideachaidh an-asgaidh againn air 0800 030 8308
  • Ma bhios cuideachadh sam bith a dhìth ort gus an cunntas a lìonadh a-steach no mura tèid agad air a lìonadh aig an taigh, faodaidh tu an loidhne-chuideachaidh an-asgaidh fhònadh

  • Thèid fiosrachadh a’ chunntais agad a thasgadh gu sàbhailte agus dèiligear ris ann an dìomhaireachd

  • Tha cuideachadh is taic rim faotainn ann an cànanan is riochdan eile, Beurla, Braille agus an clò mòr nam measg

Cò ris a tha lìonadh a’ chunntais an urra?

Tha e an urra ri ceann an teaghlaich an ceisteachan mu chunntas an teaghlaich a lìonadh a-steach.


Is e an ceann-teaghlaich an neach a tha na chòmhnaidh, no a tha an làthair, aig seòladh:

  • aig a bheil/a ghabhas air mhàl/no aig a bheil e ann am pàirt an t- seilbh no
  • ris a bheil pàigheadh bilean is cosgaisean an teaghlaich an urra (no an urra ann am pàirt)
  • Feumaidh a h-uile teaghlach ann an Alba ceisteachan mun chunntas a lìonadh a-steach
  • Feumaidh daoine a tha os cionn 16 agus a’ fuireach ann an àiteachan leithid tallachan-fuirich, taighean-cùraim no ostailean ceisteachan fa leth mun chunntas a lìonadh a-steach.